Comunn na Gàidhlig - Leasachadh na Gàidhlig ¦ Gaelic Development Blog: Fàilte air luchd-coiseachd

23/06/2010

Fàilte air luchd-coiseachd

Tha CnaG air taic a thoirt do bhuidheann "Fàilte air Luchd-Coiseachd" ann an Alba. Thàinig iad thugainn 's ag iarraidh taic le Gàidhlig. Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil spèis aca dhan chànan 's gu bheil an samhla aca a' cur prìomhachas air a' Ghàidhlig.

Tha samhla dà-chànanach aca airson an dearbh sgeama sa Chuimrigh agus bha a' bhuidheann airson an aon chleachdadh a chur an gnìomh ann an Alba.

Beag air bheag tha diofar bhuidhnean a' comharrachadh na Gàidhlig mar rud prìseil do dh'Alba 's rudeigin a tha sònraichte mun dùthaich. 'S ann againne a tha i 's tha deònach taic a thoirt do bhuidheann sam bith a tha airson a cleachdadh.

0 comments:

 
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
© 2010 CnaG
site by reefnet