Coltach ris na h-Iomairtean eile, tha Iomairt Ghàidhlig Ìle 's Dhiùra ag amas air dà rud 1) fàs a thoirt air àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig agus 2) cothroman a leudachadh gus Gàidhlig a chleachdadh. Le seo, tha na sgìrean a' comharrachadh phrìomhachasan airson na Gàidhlig aig ìre choimhearsnachd. Bidh iad eadar-dhealaichte a-rèir na diofar sgìrean agus deagh theans gu bheil diofar
Rinn Comann nam Pàrant beagan rannsachaidh bho chionn ghoirid air beachd mhuinntir Ìle air a' Ghàidhlig. Sheall seo gu math soilleir gu bheil daoine a' cur luach mhòr sa chànan agus gum bu toigh leotha piseach a thoirt air suidheachadh na Gàidhlig san Eilean.
Tha seo furasta a ràdh ach 's e rud eile a chur an gnìomh. Seo far a bheil Iomairt Ghàidhlig Ìle 's Dhiùra a' tighinn a-steach. Tha sinn air bruidhinn ri diofar dhaoine sa choimhearsnachd agus ann am buidhnean far a bheil buaidh air a' chànan.
Thèid na prìomhachasan a chomharrachadh thar na sia seachdainean a tha romhainn agus dreach phlana-obrach a chur ri chèile. Beachdaichidh a' bhuidheann-stiùiridh air na prìomhachasan 's am plana agus thèid
a chur an gnìomh às dèidh an Lùnastail.Chan eil staid na Gàidhlig a' seasamh leis fhèin ged tha, tha staid nan coimhearsnachd gu mòr ceangailte rithe. Ged a tha Ìle 's Diùra glè thrang an-dràsta le luchd-turais, tha leasachadh a dhìth air goireasan an Eilein mar rathaidean 's eile. Rudan mar obraichean, taighean 's eile, tha iad a' cur gu mòr ri misneachd coimhearsnachd agus glè chudromach. Tha sinn an dòchas gun tèid aig an Iomairt buaidh a thoirt air na nìthean seo fiù 's ann an dòigh beag.
An-dràsta chan eil ach an Isle of Arran a' frithealadh an Eilein 's an Hebridean Isles air falbh an àite a' Chlansman a tha briste le trioblaid leis a' chrankshaft ann an aon de na h-einseanan. Tha seo a' fàgail an Isle of Arran glè thrang agus tha e doirbh àite fhaighinn airson carbadan. Tha CMAL a' togail an MV Finlaggan sa Phòlan an-dràsta agus bidh i a' frithealadh an eilein aig an àm seo an ath-bhliadhna a' toirt piseach air an t-seirbheis.
Bidh fhios aig duine sam bith a tha eòlach air Ìle 's Diùra gu bheil pàirt mòr aig uisge-beatha ann an eaconamaidh an dà eilean. Saoil dè na cìsean a tha iad a' cur dhan dùthaich airson a' bhàt'-aiseig aca a chaidh a thogail ann an 1984?

0 comments:
Post a Comment