Tha cothrom air leth ann do dhuine sam bith a tha ag ionnsachadh draibheadh 's aig a bheil Gàidhlig. Tha Sgoil Draibhidh Sheònaidh Park air a dhol air adhart le sgrìobhadh dà-chànanach air a' char aige. Tha seo math ann an iomadach dòigh oir a bharrachd air cothrom a thoirt do luchd-labhairt Gàidhlig, tha an cànan fhèin a' faighinn sanasachd air feadh Inbhir Nis.
Tha sinn ro dheònach taic a chumail ri companaidhean eile a tha airson Gàidhlig a chleachdadh san dòigh seo agus bidh na sgeamaichean ùra againn a' fosgladh nas fhaide air adhart sa bhliadhna. Cum do shùil air làrach-lìn ChnaG.

0 comments:
Post a Comment