Dh'fhaodadh tu a ràdh gu bheil cultar cafaidh beòthail san Aghaidh Mhòr 's iomadach àitean far am faigh thu cèicean 's biadh fallain eile. Tha an Active Cafaidh air a dhol air adhart le soidhnichean dà-chànanach sa bhaile 's iad a' chiad àite, cho fad 's a tha fios againn, a tha air seo a dhèanamh. Bhitheamaid a' brosnachadh companaidh sam bith eile. Tha cuideachd iomairt ann airson ionad Gàidhlig a stèidheachadh sa bhun-sgoil ùr a thèid a thogail san Aghaidh Mhòr agus tha CnaG a' cur ar làn taic ri seo. Aig an ìre seo ged tha chan eil e idir soilleir am bi ionad ann oir tha ceist mhòr air tidsearan mar as àbhaist agus goireasan. Chan e rud ùr a tha sin ach leis na buannachdan follaiseach le foghlam dà-chànanach 's fhiach strì a dhèanamh airson na Gàidhlig sa sgìre chudromach seo.

0 comments:
Post a Comment