Comunn na Gàidhlig - Leasachadh na Gàidhlig ¦ Gaelic Development Blog: Cabhsair Èirisgeigh

04/08/2010

Cabhsair Èirisgeigh


Chaidh pròiseact fhiolmadh a chumail fad dà latha ann an Èirisgeigh còmhla le feadhainn de òigridh a sgìre. Bha an latha seo a chuir air dòigh le Mòrag Stiùbhart aig Sealladh agus Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh.

Bha sinn fortanach gun robh Donna Dhòmhnallach an làthair airson bùth-obrach a dhèanamh le feadhainn dhan bhuidheann air sgilean camara. Fhuair iad an cothrom a dhol a-mach agus beagan fhiolmadh a dhèanamh iad fhèin air seallaidhean a bhiodh feumail airson prògram mu dheidhinn a chabhsair.

Air an oidhche thàinig feadhainn eile dhan òigridh còmhla airson beachdachadh air dè a bhuaidh a tha a chabhsair air toirt air Èirisgeigh agus am beatha acasan.

Bha iad a’ beachdachadh air daoine a bhiodh math airson agallamhan agus rudan a bhiodh feumail ann am prògram mun chabhsair.

Air an ath latha fhuair Calum Dòmhnallach, fear às a bhuidheann, cothrom agallamhan a dhèanamh le feadhainn às an sgìre. Fhuair e comhairle air diofar rudan a tha feumail nuair a thathar a dèanamh agallamh airson prògram telebhisean.

Fhuair Calum cuideachd ceistean a chuir air a bhràthair Dòmhnall Iain airson a bheachd san fhaighinn air a chabhsair. Thug seo deagh chothrom do Dhòmhnall Iain a bhith air beulaibh a chamara.

Chaidh gu math leis nam bùithtean-obrach seo agus tha dòchas ann gum faigh am buidheann cothrom beagan gearradh fheuchainn a-rithist air na rinn iad ann an dà latha a bha seo.

1 comments:

Anonymous said...

Tha seo fìor mhath. Chòrd e rium ga leughadh!

 
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
© 2010 CnaG
site by reefnet