...ach 's bòrd aran leis fhèin. Deagh shean fhacal - tha eòlas gu leòr againn air aran a-staigh oifis Inbhir Nis far am bi sinn a' gabhail tost gu math tric. Chì tòrr dhaoine am bhan seo air feadh na Gàidhealtachd agus an companaidh, Taigh-fuine Ullapuil, air a dhol air adhart le teacsa dà-chànanach. Fhuair iad taic bho ChnaG tron sgeama againn, air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Tha beagan obair an sàs a h-uile iarrtas oir tric bidh daoine a' foighneachd airson abairtean 's teirmichean a tha ùr ann am Beurla no dìreach a' fàs cumanta ach nach eil an leithid, cumanta co-dhiù, againn ann an Gàidhlig.
Tha e a' ciallachadh co-obrachadh le diofar bhuidhnean far a bheil eòlas air cainnt no eadar-theangachadh agus tha sinn a' toirt ar taing dhaibh.

0 comments:
Post a Comment