Bha Comunn na Gàidhlig toilichte taic a thoirt seachad do Chearcall Còmhraidh Fìobha aig na Geamannan Gàidhealach ann an Inbhir Chèitein Disathairne. Chaidh stuthan taisbeanaidh a thoirt seachad agus bha an t-oifigear aig Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann an làthair. Bidh an t-oifigear seo ag obair faisg air an sgìre far an robh na geamannan. Bha ùidh mhòr ann am foghlam Gàidhlig, do chloinn agus do dh’inbhich. Tha sinn ’n dòchas gun tig piseach air na seirbheisean Gàidhlig a tha ri fhaighinn san sgìre ann an ùine nach bi fada.
11/08/2010
Geamannan Inbhir Chèitein

Subscribe to:
Post Comments (Atom)

0 comments:
Post a Comment