Bidh oifigearan ChnaG a' siubhal air feadh na dùthcha mar phàirt den obair 's sinne fortunach le seo oir tha sinn a' faicinn Alba ann an diofar dhòighean inntinneach 's eile. Tha e cuideachd math oir tha oifigearan ChnaG ag obair aig ìre choimhearsnachd a' cur an gnìomh proiseactan a bheireas taic dhan chànan.A' siubhal air an trèana chunnaic sinn soidhnichean ùra air na stèiseanan rèile ann an sgìre Ghlaschu. Tha Transport Scotland air obair mhath a dhèanamh an seo tha e na thoileachas dhuinn gun robh CnaG an sàs le seo aig a' chiad cheum a' coiteachadh airson barrachd Gàidhlig.
Bidh sibh air stoidhle ùr fhaicinn air cuid de na treanaichean fhèin le Rèile na h-Alba a' nochdadh a-nis mar rud àbhaisteach. Tha pìos ri dhol fhathast an taca ris a' Chuimrigh far a bheil Arriva Trains Wales a' dèanamh tòrr a bharrachd sa chànan leithid clàran-ama 's làrach-lìn dà-chànanach. Chan eil sinn a' faicinn adhbhar nach dèan Scotrail an aon rud. Tha ùidh mhòr aig daoine ann an ainmean-àite agus tha rannsachadh a' dearbhadh seo ann an raointean eile. Le teicneòlas an latha an diugh, gabhaidh siostam dà-chànanach a chruthachadh gu simplidh.Gu mì-fhortanach cha bhi a h-uile trèana a' ruith a-rèir a' chlàir-ama agus chuir sinn seachad uair a thìde ann am Peairt, rud nach eil cho dona. Tha beagan Gàidhlig an seo cuideachd ga cleachdadh aig ìre choimeirsealta air an taigh-seinnse Greyfriars.
Bidh na sgeamaichean aig CnaG a' fosgladh a-rithist san Dàmhair agus cothrom aig companaidhean ann an Sgìre HIE airgead fhaighinn airson soidhnichean dà-chànanach.

0 comments:
Post a Comment