Comunn na Gàidhlig - Leasachadh na Gàidhlig ¦ Gaelic Development Blog: Stòr-data Ainmean-Àite na h-Alba

20/08/2010

Stòr-data Ainmean-Àite na h-Alba

Chaidh Stòr-data de dh'Ainmean-àite Albannach a chur air dòigh an de ann an Inbhir Nis. 'S e seo a' chiad cheum a dh'ionnsaigh Clàr-àite Naiseanta airson ainmean-àite Gàidhlig agus tha còrr 's mìle ainmean-àite sa stòr-data aig an ìre seo.

Tha goireasan air leth co-cheangailte ris an Stòr-data leithid mapaichean an latha an diugh agus seann mhapaichean. A bharrachd, tha ceanglaichean ann do thùsan aig diofar bhuidhnean leithid Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Thathar a' sìor chur ris a' ghoireas seo agus tha a' mhòr-chuid de dh'ainmean co-cheangailte ri leasachaidhean eile mar shoidhnichean dà-chànanach air rathaidean.

Cleachd an goireas!

1 comments:

Sìne Ghilleasbuig said...

Mealaibh ur naidheachd. Bidh mise ga chuir gu feum gun teagamh.

sìne, stafainn

 
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
© 2010 CnaG
site by reefnet