Comunn na Gàidhlig - Leasachadh na Gàidhlig ¦ Gaelic Development Blog: Tàlant Gàidhlig Uibhist

06/08/2010

Tàlant Gàidhlig Uibhist

Chaidh am farpais Tàlant Gàidhlig Uibhist a chumail mar phàirt de Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh.

’S e farpais tàlant a bha seo a bha fosgailte airson clann fo aois sgoile gu Clas 7. Bha 3 diofar roinn ann – fo aois sgoile, Clas 1-3 agus Clas 4-7.

Chaidh an fharpais a chumail aig Geamaichean a’ Chinn a Deas agus bha e fosgailte gu clann an sgìre agus clann a bha a-staigh air làithean-saora.

Bha Sìneag Nic an t-Saoir agus Stephen MacÌomhair againn nan britheamhan agus abair gun robh obair dhuilich aca tighinn gu co-dhùnadh aig deireadh an fharpais.

Ghabh suas ri 14 òigridh pàirt anns an fharpais agus an aon riaghailt a bha air an cuir romhpa ’s e gun fheumadh iad Gàidhlig a chleachdadh.

Chuala sinn grunn òrain bhrèagha agus gu math eadar-dhealaichte agus sgeulachdan èibhinn cuideachd.

Bha duais luach £15 ann airson gach roinn agus aig an deireadh ’s e Lucy Lindsay a bhuannaich am farpais airson clann fo aois sgoile, Floraidh & Ruaraidh Gray a bhuannaich airson Clas 1-3 agus Pòl Monk airson clann ann an Clas 4-7. Fhuair Pòl cuideachd an cothrom a dhol air àrd-ùrlar air an oidhche sin aig consart na geamaichean airson an sgeulachd aige aithris dhan luchd-èisteachd. Chòrd sinn riutha air fad gu mòr.

Bha farpais air leth ann agus chòrd e gu mòr ri Sìneag agus Stephen. Thuirt Sìneag “Bha a Ghàidhlig aca cho math agus bha e math cho deònach ’s a bha iad pàirt a ghabhail”

Chòrd e ri Stephen measgachadh de dh’òrain agus sgeulachdan a chluinntinn ann an Gàidhlig.



0 comments:

 
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
© 2010 CnaG
site by reefnet