Comunn na Gàidhlig - Leasachadh na Gàidhlig ¦ Gaelic Development Blog: Seachdain Spòrsail na h-òganaich

03/08/2010

Seachdain Spòrsail na h-òganaich

Chaidh seachdain spòrsail na h-òganaich a chuir air dòigh le Marion Nic Mhathain aig Buidheann Leasachaidh a’ Chinn a Deas agus Màiri Anna Chaimbeul a tha na h-oifigear air Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh.

Thàinig eadar 23 - 31 òigridh a-mach gach latha agus bha iad sin eadar 3 bliadhna agus 7 bliadhna a dh’aois. Bha òigridh ann bhon sgìre fhèin agus òigridh a bha a-staigh air an saor-làithean.

Bha sinn fortanach Caitlin NicAonghais fhaighinn airson stiùireadh a thoirt dhan òigridh fad na seachdain agus gun robh deagh bhuidheann de dhaoine againn airson cuideachadh a thoirt seachad cuideachd.

Ghabh an òigridh pàirt ann an mòran diofar rudan air feadh na seachdain agus bha an t-seachdain air a chumail tro mheadhain na Gàidhlig. Dh’ionnsaich iad tòrr òrain Ghàidhlig, geamaichean ùra agus fhuair iad cothrom tòrr peantadh a dhèanamh cuideachd (air lèine-t agus glainne). Chaidh sinn cuairt air a bhus dhan taigh tasgaidh Diardaoin agus fhuair iad cothrom sùil a ghabhail mun cuairt còmhla le Gillebride a bha ag obair an latha siud agus cuideachd a dhol dhan chafaidh airson greis. Air an latha mu dheireadh chuir a chlann cuirm beag air dòigh airson na teaghlaichean aca agus bha seo math fhèin. Chrìochnaich an t-seachdain le partaidh bheag dhan òigridh agus cupa tì agus bèicearachd dha na pàrantan. Bha cothrom aig na pàrantan bileag fiosrachaidh a thogail an seo mu dheidhinn foghlam tro mheadhain na Gàidhlig agus còmhradh a dhèanamh leis na pàrantan eile.

Chòrd an t-seachdain leis an òigridh air fad agus leis a h-uile duine a bha an sàs ann. Tha sinn airson taing a thoirt dhan h-uile duine a thug dhuinn taic ann an dòigh sam bith agus gu h-àraid do Chomunn na Gàidhlig airson an taic airgead tro Sgeama Ath-bheothachaidh Coimhearsnachd aig HIE.

0 comments:

 
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
© 2010 CnaG
site by reefnet