Bha 'deagh ghleus air a' phìob' a-raoir aig an Taigh-Òsta Nàiseanta ann an Inbhir Pheofharain, is Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain a' cumail na Cèilidh Bliadhnail aca. Tha an còisir an dràsta glè thrang a' deasachadh airson a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail, a thòiseachais cola-deug an diugh.Am bliadhna Bidh am Mòd ann an Gallaibh. Tha comataidh ionadail Mòd Ghallaibh air a bhith ag obair cruaidh fad na bliadhna agus bidh fàilte bhlàth a' feitheamh air farpaisich agus luchd-tadhail.

0 comments:
Post a Comment