
Tha Muileann-Gaidh air iomall Ghlaschu far a bheil Slighe Taobh Siar na Gàidhealtachd a' toiseachadh. Tha am baile a' fàs ach fhathast a' cumail coltas an àite mar a bha. Bho chionn bhliadhnaichean bhiodh tramaichean à Glaschu a' frithealadh a' bhaile agus ann an ùine nach bi fada gheibhear an trèana à seo a Dhùn Èideann nuair a thèid an loidhne-rèile ùr fhosgladh eadar Bathgate agus Àrdruigh.
A' coiseachd bhon stèisean gu meadhan a' bhaile chìthear an Crosskeys Inn agus tha an t-àite seo air beagan Gàidhlig a chur air na soidhnichean aca. Ged nach eil e buileach ceart, 's math gu bheil iad air oidhirp a dhèanamh agus bidh sinn a' sgrìobhadh thuca le tuilleadh fiosrachaidh. A-staigh tha Beannachd leibh sgrìobhte cuideachd agus a-rèir coltais bidh tòrr a' foighneachd air fuaimneachadh.

0 comments:
Post a Comment