
Tha sinn an sàs ann an leasachadh cànain, a’ feuchainn ri taic a thoirt do choimhearsnachdan, daoine ‘s buidhnean gus am faigh iad air Gàidhlig a chleachdadh no a thoirt a-steach ann an diofar dhòighean. Tric tha seo a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ cruthachadh shuidheachaidhean far an tèid goireas no taic a thoirt seachad agus na goireasan sin an uairsin ann airson na coimhearsnachd san àm ri teachd. Tha sinn ag amas air gluasad cànain – gum bi tuilleadh dhaoine ann le comas labhairt ann an Gàidhlig agus tuilleadh dhaoine a tha dà-chànanach ‘s na sgilean aca a tha an cois dà-chànanas. Ach mar a tha fios againn, tha gluasadan cànain a’ tachairt ann an dòighean eile. Tha ainmean-àite nan eisimpleir air seo.
San Aghaidh Mhòr tha dà eisimpleir air gluasad cànain a tha nan comharra air an t-suidheachadh san fharsaingeachd. Tha an teirm Spey Valley a’ fàs nas cumanta an àite Srath Spè. ‘S dòcha gu bheil e nas fhasa a thuigsinn airson luchd-turais no gu bheil ìomhaigh caran ameriganach air Vis-a-vis Scott Valley, Owens Valley, Yosemite Valley etc anns Na Stàitean. Ach ghabh na h-ainmean fuadain seo àite ainmean nan tùsanach.
Ged a tha cruaidh fheum air taigheadas ann an Srath Spè, chan eil feum air ainmean-àite ùra nuair a tha feadhainn ann mar tha. Chan e ainm ceart a tha ann an High Burnside, dìreach ainm fuadain a tha companaidh taigheadais a’ toirt air pìos talmhainn a tha bàn an dràsta. Dè tha ceàrr leis an ainm a th’ ann mar tha? Tha An Droighinn a’ mìneachadh coltas an àite glè mhath.
Ach dè thachras nuair a thig e gu poileasaidh dà-chànanach Chomhairle na Gàidhealtachd? Bidh a’ Ghàidhlig air High Burnside a dhìth orra ‘s mar sin cuiridh Àirde an Uillt às dhan Droighinn.....

0 comments:
Post a Comment