Comunn na Gàidhlig - Leasachadh na Gàidhlig ¦ Gaelic Development Blog: Na Geamaichean Gàidhealach

05/10/2010

Na Geamaichean Gàidhealach



Chaidh Latha nan Geamaichean Gàidhealach airson clann anns a’ bhun-sgoil a chumail aig Sgoil an Ìochdair Disathairne an 18mh latha dhen t-Sultain. Bha an tachartas seo air a ruith le Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh ann an com-pàirteachas le Buidheann Leasachaidh a’ Chinn a Deas. Bha 41 duine cloinne an làthair, bho Sgoil Dhalabroig, Sgoil an Ìochdair agus Sgoil Bhaile a’ Mhanaich, agus fhuair iad an cothrom feuchainn air diofar rudan spòrsail leithid tilgeil a’ chabair. Ged as e tachartas tro mheadhan na Gàidhlig a bh’ ann, bha e cuideachd fosgailte do chlann gun Ghàidhlig.

Chòrd an latha leis a h-uile duine a bha an sàs agus chaidh a’ chlann dhachaigh toilichte le bonn nan cois. Bha duaisean fa leth ann cuideachd dhan fheadhainn leis na puingean as àirde anns gach roinn agus chithear iad sin anns an dealbh seo.

Tha sinn airson taing a thoirt do Active Schools, do Chlaire Scott bhon Ionad Saor-thoileach, agus dhan a h-uile duine eile a thàinig gu saor-thoileach airson cuideachadh a thoirt dhuinn.

0 comments:

 
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
© 2010 CnaG
site by reefnet