Comunn na Gàidhlig - Leasachadh na Gàidhlig ¦ Gaelic Development Blog: Iomairt Ghàidhlig Ìle 's Dhiùra

20/10/2010

Iomairt Ghàidhlig Ìle 's Dhiùra

Chaidh coinneamh den bhuidheann-stiùiridh aig Iomairt Ghàidhlig Ìle 's Dhiùra a chumail ann an Ìle Diluain.  Chaidh an Iomairt seo a stèidheachadh am bliadhna 's oifigear pàirt-ùine ag obair a-mach à Ionad Chaluim Chille Ìle.  

Aig an ìre seo tha an Iomairt a' cur an gnìomh diofar phroiseactan nam measg Sgeama Comhairlichaidh nam Pàrant far a bheil pàrantan a' brosnachadh phàrantan eile gus an cuid cloinne a chur dhan ionad Gàidhlig.  Air sgath 's an oidhirp a chaidh a dhèanamh ann an Ìle bho chionn ghoirid, tha co-dhiù trì a bharrachd teaghlaichean a' beachdachadh air foghlam Gàidhlig ann am Bogh Mòr.  

Tha an Iomairt cuideachd ag obair le Bun-sgoil Dhiùra, ICCI agus an Cyber Cafaidh ann am Port Ilein gus diofar thachartasan a chur air dòigh.  

Ma tha thu ann an Ìle, 's dòcha a' coimhead air Solais Loch an Dàil, chì thu na soidhnichean ùra a tha Comhairle Earra Ghàidheal 's Bhòid a' cur suas.  Tha seo air sgath 's am poileasaidh dà-chànanach aca tha dìreach air toiseachadh.  

0 comments:

 
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
© 2010 CnaG
site by reefnet