Comunn na Gàidhlig - Leasachadh na Gàidhlig ¦ Gaelic Development Blog: Seiseanan Cluich

21/10/2010

Seiseanan Cluich


Chaidh seiseanan cluich do chlann a chumail ann an Èirisgeigh, Dalabrog agus san Ìochdar tro làithean-saora na Dàmhair. Bha 25 duine cloinne an làthair eadar na trì làithean agus fhuair iad an cothrom tòrr gheamaichean spòrsail a chluich. Ged a bha na seiseanan air an cumail tro mheadhan na Gàidhlig, bha iad cuideachd fosgailte do chlann gun Ghàidhlig. Chaidh seisean fa leth a chumail do chlann a tha a’ frithealadh buidheann Sradagan anns an sgìre.
Bha an tachartas seo air a ruith le Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisigeigh ann an com-pàirteachas le Buidheann Leasachaidh a’ Chinn a Deas agus tha sinn airson taing a thoirt do Chlaire Scott bhon Ionad Saor-thoileach, a thug taic dhuinn le seisean an Ìochdair air an Diluain.

0 comments:

 
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
© 2010 CnaG
site by reefnet