
Air Dihaoine 29 agus Disathairne 30 Dàmhair fhuair sgoilearan ann an Àrd-sgoil Lìonacleit an cothrom measgachadh de chur-seachadan a ghabhail tro mheadhan na Gàidhlig airson na sgilean aca a leasachadh anns na h-ealain. Ghabh 17 sgoilear pàirt anns na bùthan-obrach a chaidh a chumail anns an sgoil fhèin.
Bha an tachartas air a ruith le Jenna Mhoireasdan aig Fèisean nan Gàidheal, Màiri Anna Chaimbeul aig Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh agus Marion NicMhathain bho Bhuidheann Leasachaidh Òigridh Uibhist a Deas le Bòrd na Gàidhlig a’ cur taic-airgid mu choinneamh a’ phròiseact.
Thairis air an dà latha, a chaidh a chur air bhonn mar sgeama-dearbhaidh, fhuair compàirtichean dà thaghadh de na cuspairean a leanas; pìobaireachd, dannsa sràide, togail dhealbhan agus òrain Ghàidhlig, le òrain luaidh aig cridhe na clas.

B’ e Eòghainn MacEanraig, Sìneag Nic an t-Saoir, Ciorstaidh NicAnndrais agus Mòrag NicAonghais a chaidh fhastadh airson na clasaichean a ruith anns a’ Ghàidhlig. Bha clann gun Ghàidhlig air am brosnachadh gus faclan ùra ionnsachadh agus dh’ fhàs a’ chlann na bu dhàna Gàidhlig a bhruidhinn fhad 's a bha an tachartas a’ dol air adhart. Dh’obraich a’ chlann agus an luchd-teagaisg gu èifeachdach còmhla rè nan clasaichean gu lèir. Air feasgar Disathairne rinn gach clas taisbeanadh goirid airson sealltainn dha càch na dh’ionnsaich iad thairis air an dà latha.
0 comments:
Post a Comment