24/01/2011
Bùithtean-obrach le Artair Donald
Fhuair clann fo aois sgoile agus bun-sgoile an sgìre Iomairt cothrom pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach le Artair Donald anns an Dùbhlachd 2010. Thadhail Artair air buidheann òigridh ann an Dalabrog agus cuideachd air Sgoil-àraich Dhalabrog, Cothrom Òg, agus am buidheann pàrant is pàiste ùr anns an sgìre. Ghabh suas ri 40 duine-cloinne pàirt anns na bùithtean-obrach seo. Rinn Artair tòrr rudan spòrsail tro mheadhan na Gàidhlig agus chòrd na rinn e gu mòr ris a h-uile duine a ghabh pàirt.
Subscribe to:
Post Comments (Atom)

0 comments:
Post a Comment