Comunn na Gàidhlig - Leasachadh na Gàidhlig ¦ Gaelic Development Blog: Ionad Gàidhlig Inbhir Nis

18/01/2011

Ionad Gàidhlig Inbhir Nis

Tha Fòram Gàidhlig Inbhir Nis air iarrtas cead-dealbhaidh a chur a-steach. Tha iad ag amas air mòr-ionad a thogail a bhios a' toirt na buidhnean Gàidhlig air fad còmhla agus ionad cùram chloinne a stèidheachadh. Bidh goireasan airson na coimhearsnachd rim faighinn cuideachd.

Tha altaire air planaichean mionaideach a chur ri chèile leis an dealbh gu h-àrd.

Bidh a' bhuidheann a-nis ag obair air plana-gnìomhachais agus siostam airson airgead a thogail. Thathar ag amas air an ionad fhosgladh ann an 2013.

2 comments:

Gràisg said...

A bheil fhios agaibh cuin a nochdas e ron Chomataidh dealbhaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd?

PS tha Tìr nam Blog ag obair mar bu chòir mu dheireadh thall agus bidh do chuid biadh RSS a' dol ann

Tìr nam Blog


Twitter cuideachd

Agus Facebook TnamB

Comunn na Gàidhlig said...

HI Graisg, Chan eil am Fòram cinnteach ach cha fad 's a tha sinn a' tuigsinn, cha tèid e ro oifigear mura h-eil gearranan ann.

 
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
© 2010 CnaG
site by reefnet