Tha sinn a' cur fàilte air an làrach-lìn ur aig Ionad-sgithidh Ghlinn Sìth far a bheil iad air oidhirp mhòr a dhèanamh le Gàidhlig. Bidh cuimhne agaibh gun deach ionadan sgìthidh na h-Alba air adhart le soidhnichean dà-chànanach trath ann an 2009. Rinn CnaG rannsachadh neo-fhoirmeil air beachdan an t-sluaigh a sheall a' mhòr-chuid, 69%, a' cur taic riutha. Bhon uairsin tha sinn toilichte obair eile a thoirt air adhart leotha.
Bha e na urram a bhith obrachadh leis an Dtr Adhamh Watson Mac Bhatair a tha na eòlach air a' Mhonaidh Ruaidh agus sgìre Ghlinn Sìth. Thug e taic mhòr dhuinn le beachdan air ainmean-àite. Chìthear an làrach-lìn an seo: http://www.ski-glenshee.com/

0 comments:
Post a Comment