Comunn na Gàidhlig - Leasachadh na Gàidhlig ¦ Gaelic Development Blog: Latha na Gàidhlig

24/05/2011

Latha na Gàidhlig

Chaidh Latha na Gàidhlig a chur air dòigh le Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh agus chaidh a chumail ann an Sgoil an Ìochdair air an 21mh latha dhen Ghiblean. Thàinig 75 sgoilear bho air feadh Uibhist, a bhios air an oideachadh tro mheadhan na Gàidhlig, còmhla airson pàirt a ghabhail ann am bùithtean-obrach tro mheadhan na Gàidhlig.

Bha an latha fosgailte do sgoilearan ann an clas 4 gu clas 7 agus 's iad na bùithtean-obrach anns an robh iad an sàs: Dannsa, Còcaireachd, Geamannan, Tae Kwon Do agus Dràma. Bha na sgoilearan measgaichte le sgoilearan bho na sgoiltean eile agus fhuair iad ceithir a-mach às na còig bùithtean-obrach a fhrithealadh. Dh'innis iad anns a' mheasadh aca gun do chòrd an latha agus na bùithtean-obrach riutha agus cuideachd gun robh e math tighinn còmhla le sgoilearan bho sgoiltean eile airson tachartas tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha an Iomairt airson taing a thoirt do Sgoil an Ìochdair airson an taic leis an latha seo, dha na sgoiltean airson frithealadh agus cuideachd dha luchd-teagaisg nam bùithtean-obrach.

0 comments:

 
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
© 2010 CnaG
site by reefnet