
Chaidh Tiugainn a Dhannsa 2011 a chumail ann an Talla Naoimh Pheadair ann an Dalabrog air a' 14mh latha dhen Chèitean. 'S i Lena NicIllFhialain bho Chlub Dannsa Naoimh Pheadair a chuir an oidhche air dòigh, ann an com-pàirteachas le Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh. Ghabh còig cuplaichean pàirt anns an fharpais am-bliadhna agus bha aca ri sia dannsaichean a dhèanamh air beulaibh nam britheamhan - Eòghann MacLachlainn agus Jayne NicLeòid.
Chluich Na Deasaich airson nan dannsaichean agus bha òrain, pìobaireachd agus dannsa a' dol tron oidhche airson cothrom a thoirt dha na farpaisich an anail a tharraing. Ghabh Còisir Sgoil Dhalabroig òrain dhuinn le taic bhon stiùiriche Penny Burgess agus bha taisbeanadh goirid ann dhen Haymakers Jig leis an òigridh a ghabh pàirt anns na clasaichean dannsa tro mheadhan na Gàidhlig.
Bha obair dhuilich aig na britheamhan, ach às dèidh nan sia dannsaichean 's e Margaret Walker

agus Hugh MacCormick a bha anns a' chiad àite am-bliadhna a-rithist. Tha sinn airson taing a thoirt dhan a h-uile duine a thug taic dhuinn airson an oidhche seo a dhèanamh cho soirbheachail.
0 comments:
Post a Comment