Bho chionn ghoirid, chaidh 6 de Ghàidheil Dhùn Èideann air chuairt gu Ionad Gàidhlig Ghlaschu air Sràid Achadh a’ Mhansa agus, an sin, choinnich iad ri còrr is 30 bho choimhearsnachd Ghàidhlig a’ bhaile. Bha seo air a chur air adhart tro Iomairtean Gàidhlig Ghlaschu is Dhùn Èideann agus luchd-obrach bho Iomairt Ghlaschu a’ frithealadh gu còir air na thadhail.Tha na thàinig à Dùn Èideann mar chuid de bhuidheann a bhitheas a’ coinneachadh gach madainn Diluain, ann an Caffè Nero ann am bùth ‘Fraser’s’ Sràid a’ Phrionnsa, airson còmhradh Gàidhlig agus cofaidh.
A bharrachd air eòlas a chur air cuid de Ghàidheil a’ bhaile fhèin, choinnich Gàidheil Dhùn Èideann ri luchd-obrach bho Chomunn na Gàidhlig, An Lòchran, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, Comhairle Baile Ghlaschu agus cuideachd ri Cathraiche Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu, Brus Whyte. Bha Cathraiche Iomairt Ghàidhlig Dùn Èideann, Ceitidh Mhoireach, cuideachd an làthair.
Le tachartas mar seo a chur air adhart, bhathar an dòchas ceanglaichean nas treasa a chruthachadh eadar na coimhearsnachdan agus na h-Iomairtean agus tha coltas gun do thachair sin gu ìre mar-thà – oir, le mar a chòrd an gnothach ri gach aon, tha Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu a-nis a’ beachdachadh air cuairt a ghabhail a choimhead nan càirdean ùra aca, ann an Dùn Èideann!

0 comments:
Post a Comment