Chaidh cothrom a thoirt do 12 òigridh bho Nis gu Balantruiseal tighinn còmhla gus tachartasan spòrsail fheuchainn tro na saor làithean – agus abair gun gabh iad an cothrom! Chur Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais seachdain, ‘Brag’, air dòigh gus am faigheadh òigridh a thighinn còmhla gus beagan spòrs a dhèanamh, sgilean ùra ionnsachadh, diofar chur-seachadan fheuchainn agus cuideachd an cuid Ghàidhlig a cleachdadh agus a’ gleusadh ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil.
Bha a’ bhuidheann a’ coinneachadh gach madainn, aig 9.30 an Talla Coimhearsnachd Clan Macquarrie agus bha iad ri diofar rudan gu co dhiù 2.30 gach là, Dimàirt – Dihaoine! Seo agaibh blasad air na bha iad ris gach là:
Dimàirt – Chaidh an là a chuir seachad ag iasgachd air bàta ann an Loch Erisort agus aig loch beag eile aig Murchadh Moireasdan ann an Keose. Nar cuideachadh latha an iasgaich, bha Lewis MacChoinnich bhon gnìomhachas ‘Fish n trips’ agus Tormod MacChoinnich bhon Outer Hebrides Fisheries Trust. Bha latha brèagha leis a’ ghrian a’ deàrrsadh agus fhuair a h-uile duine cothrom air a’ bhàta a stiùireadh agus ionnsachadh mu obair aig mur. Rug Morgan air breac agus chaidh crùbagan gu leòr fhaighinn sna clèibh a thog sinn! Bha là math fhèin againn agus bhiodh e math seo fheuchainn a rithist!
Diciadain – Air an darna là fhuair sinn air beagan còcaireachd fheuchainn. Dh’ionnsaich sinn reasabaidh ùr malteser crunch krispies agus chruthaich sinn piotsa an duine airson ar lòn an là sin! ’S e a bha blasta! Còmhla ris am bèicearachd, bha quiz doirbh againn. Ag obair ann am buidhnean, às dèidh trì cuairtean bhuannaich aon sgioba le aon phuing a bharrachd!
Diardaoin – Bha sinn anns an talla agus bha bùth-obrach dealbhadh ’s cruthachadh againn còmhla ri Alison Nicleòid bho Tiger Textiles. Chunnaic sinn na diofar seòrsa rùdan a bhios Alison a’ dèanamh le peanta agus rinn sinn fhìn measgachadh de bhaganan le dealbh orra a chruthaich sinn fhìn. Às dèidh lòn bha sinn ag obair le peanta a rithist agus rinn sinn soidhnichean airson dorsan agus rudan cruthachail eile! Thàinig Aileag bhon a’ BhBC a chèilidh oirnn airson ceistean a chuir oirnn mun t-seachdain. Dh’innis sinn dhaibh gu robh seachdain mhath againn agus gu robh e air còrdadh rinn uile.
Dihaoine - An là mu dheireadh de Bhrag agus chaidh sinn a Steòrnabhagh far an d’ fhuair sinn cothrom measgachadh de rudan fheuchainn mar putting, crazy golf, tennis agus roller blading. Thug e greis mus d’fhuair feadhainn air an casan leis na roller blades ach bha spòrs againn a bhith feuchainn! Às dèidh seo chaidh sinn chun tràigh ann an Nis airson beagan fois agus chrìochnaich sinn an t-seachdain le BBQ a bha uabhasach math le Agnes Rennie os cionn an teine!!
Chòrd an t-seachdain ris a’ chlann agus tha iad air leth taingeil dhan h-uile duine a chuidich le cuisean rè na seachdain.
Chaidh an t-seachdain, “Brag” a chuir air dòigh le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais agus chaidh na cosgaisean am pàigheadh le Comunn na Gàidhlig agus Bòrd na Gàidhlig.

0 comments:
Post a Comment