Air Dihaoine 27 agus Disathairne 28 den Fhaoilleach fhuair sgoilearan ann an Àrd-sgoil Lìonacleit an cothrom measgachadh de chur-seachadan a ghabhail tro mheadhan na Gàidhlig airson na sgilean aca a leasachadh anns na h-ealain. Ghabh 12 sgoilear pàirt anns na bùthan-obrach a chaidh a chumail anns an sgoil fhèin.
Bha an tachartas air a ruith le Màiri Anna Chaimbeul aig Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh, Marion NicMhathain bho Phròiseact Òigridh nan Eilean agus Jenna Mhoireasdan aig Fèisean nan Gàidheal, le taic bho Chatrìona Mhoireasdan aig Foghlam Coimhearsnachd.
Fhuarar taic-airgid airson a phròiseact seo bho Fhoghlam Choimhearsnachd, Sgioba na Gàidhlig aig a Chomhairle agus bhon Sgeama Tabhartasan Beaga.
Thairis air an dà latha, ghabh an òigridh pàirt anns na cuspairean a leanas; dràma, dannsa sràide, seinn agus clas Boxercise.
B’ e Màiri Mhoireasdan, Alasdair Mac’illeBhàin, Kevin Walker agus Claire Scott a chaidh fhastadh airson na clasaichean a ruith anns a’ Ghàidhlig. Bha clann gun Ghàidhlig air am brosnachadh gus faclan ùra ionnsachadh agus dh’ fhàs a’ chlann na bu dhàna Gàidhlig a bhruidhinn fhad 's a bha an tachartas a’ dol air adhart.Feasgar Disathairne rinn gach clas taisbeanadh goirid airson sealltainn dha càch na dh’ionnsaich iad thairis air an dà latha.

0 comments:
Post a Comment