Seo an sgioba bho Sgoil an Iochdair a bhuannaich am farpais roinneil ann an Uibhist agus a bhios a’ dol air adhart dhan na cuairtean deireannach. Thug Iomairt Uibhist a Deas agus Èirisgeigh bonn seachad airson an sgioba a ghlèidh air an latha – ’s math a’ rinn iad!
22/05/2012
25/04/2012
Spòrs na Càisge airson ‘Tàirneanaich’

Chaidh cothrom a thoirt don bhuidheann Ghàidhlig ‘Tàirneanaich’ a
thighinn còmhla gus tachartasan spòrsail fheuchainn tro na saor làithean
– agus abair gun do ghabh iad an cothrom le ‘treasure hunt’ mòr airson
toiseach tòiseachaidh! Chuir Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais dà
latha spòrsail, fiosrachail air dòigh gus am faigheadh òigridh a
thighinn còmhla gus beagan spòrs a dhèanamh, sgilean ùra ionnsachadh
rudan ùra fhaicinn agus cuideachd an cuid Ghàidhlig a chleachdadh agus
a’ gleusadh ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil. Bha seo mar phàirt
de bhuidheann stèidhichte a tha ag obair air diofar phròiseactan às
dèidh na sgoile agus air na deireadh sheachdainean ann an Siabost.Choinnich ‘Tàirneanaich’ airson ‘treasure hunt’ tràth air a’ chiad latha còmhla ri Oifigear Iomairt Marina Mhoireach is iad air an deisealachadh le mapaichean airson a dhol timcheall baile Shiaboist ann an dà bhuidheann a’ lorg ceistean a bha air an cur a-mach air feadh a’ bhaile! Bha latha brèagha ann leis a’ ghrian a’ deàrrsadh. Bha aca ri obair còmhla gus na ceistean a lorg sa chiad dol a-mach agus freagairtean a sgrìobhadh. Cha robh e cho sìmplidh ri sin oir ann an dà àite thàinig air a’ chlann tadhail air dà thaigh sa’ bhaile agus na ceistean fhaighneachd an sin. ’S math gu robh fios aig Lefty cia mheud uan a bh’ air a bhith aige! Air ais chun an t-Seann Sgoil airson crìoch a chur air an fharpais, lòn a ghabhail agus dhà no thrì geamannan.
Air an darna latha moch-eirigh sa’ mhadainn a’ coinneachadh aig an Seann Sgoil agus a’ dèanamh airson Steòrnabhagh gus turas fhaighinn timcheall Stag Bakeries. Tha iad ag ullachadh reasabaidhean airson iris agus bha e math faicinn cèicean air an dèanamh le luchd proifeiseanta. Dh’fhàg sinn Stag le cèic an duine, ’s iad a bha blasta! Gu math dòigheil a’ dol a chèilidh air stiùideo MG Alba far an d’fhuair iad cothrom coimhead timcheall an togalach agus obair na diofar dhaoine an sin. Beagan lòn aig oifis ChnaG an uairsin agus quiz mus deach iad air a’ bhus air ais a Shiaboist.
’S e cothroman cudromach a tha seo do dh’òigridh an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile anns a’ choimhearsnachd aca fhèin agus cuideachd a bhith a measgachadh leis na ginealaich as sine. Chaidh na làithean a chuir air dòigh le Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais a tha air a’ mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig.
Tiugainn a Dhannsa 2012
Chaidh Tiugainn a Dhannsa 2012 a chumail ann an Talla Naoimh Pheadair ann an Dalabrog air an 21mh latha dhen Ghiblean. 'S i Lena NicIllFhialain bho Chlub Dannsa Naoimh Pheadair a chuir an oidhche air dòigh, ann an com-pàirteachas le Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh. Ghabh sia cuplaichean pàirt anns an fharpais am-bliadhna agus bha aca ri sia dannsaichean a dhèanamh air beulaibh nam britheamhan – Margaret Walker agus Morag NicSuain. Bha e gu h-àraid math am bliadhna gun do ghabh òigridh pàirt san fharpais.
Chluich Na Deasaich airson nan dannsaichean agus bha òrain, dannsa Gàidhealach agus dannsa cèilidh a' dol tron oidhche airson cothrom a thoirt dha na farpaisich an anail a tharraing.
Bha obair dhuilich aig na britheamhan, ach às dèidh nan sia dannsaichean 's e Myag NicAonghais agus Iain MacIllFhialain a bha anns a' chiad àite am-bliadhna. Tha sinn airson taing a thoirt dhan a h-uile duine a thug taic dhuinn airson an oidhche seo a dhèanamh cho soirbheachail agus gu h-àraid do Bhòrd na Gàidhlig a thug taic seachad tron sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd.
11/04/2012
Na Geamaichean Gàidhealach Baile a’ Mhanaich
Chaidh latha soirbheachail de Na Geamaichean Gàidhealach a chumail ann am Baile a’ Mhanaich air an 24mh latha den Mhàrt.
Bha 25 duine-cloinne bun-sgoile na lùib agus fhuair iad an cothrom pàirt a ghabhail ann an mòran rudan bho Tug of War agus a’ tilgeil a chabair.
Fhuair a chlann air fad bonn airson pàirt a ghabhail agus bha duaisean ann airson a chlann leis na puingean is àirde anns gach roinn.
Chaidh an latha a chuir air dòigh le Iomairt Uibhist a Deas & Eirisgeigh ann an compàirteachas le Phròiseact Òigridh nan Eilean. Taing cuideachd gu Matthew agus Suzanne a thug taic dhuinn air an latha.
22/03/2012
Casan circe air camara
Tha sinn a' cur air adhart program òigridh an dràsta fo bhratach Duais Iain Muir. Le seo gheibh an òigridh an teisteanas seo le bhith gabhail pàirt ann am program òigridh ionadail agus an uairsin, san Ògmhios, tachartas còmhnaidh ann an Loch Abair.
Mar phàirt den phrogram tha sinn a' cur air adhart proiseact ghlèidhteachais far a bheil an òigridh a' sgiobladh àite no a' sgrùdadh cuspair a tha ceangailte ris an àite a tha iad a' frithealadh. Tha buidheann Inbhir Nis a' rannsachadh a' Chait Fhiadhaich agus an dòchas am beathach a ghlacadh air camara.
Stèidhich sinn na camaran glacaidh aig Loch Dùn Deilchaig an de, trì dhiubh, le casan circe mar "bhèit". Taing do Chomhairle na Gàidhealtachd airson taic leis a' phroiseact seo.
29/02/2012
Turas Òigridh Uibhist gu Deas
Tha am buidheann Òigridh Uibhist a’ gabhail a-steach clann ann an S2 ann an Sgoil Lionacleit agus air a’ ruith le Catrìona Mhoireasdan bho Foghlam Coimhearsnachd le taic bho Mhàiri Anna Chaimbeul bho Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh.
Ghabh ochdnar aca pàirt anns an turas seo air an 24mh agus 25mh latha den Ghearran.
Fhuair an òigridh cothrom tadhal air taigh-tughaidh anns an sgìre a tha air a dhèanamh suas a-nis – dh’innis Ceitidh Chaimbeul dhaibh mur a bha an taigh roimhe seo agus fiosrachadh inntinneach eile mun àite.Dh’fhan an òigridh ann an Taigh Bhaghasdail fad na h-oidhche, far an do rinn iad bùth-obrach le Kenna Chaimbeul a bha airson toirt air an òigridh obrachadh còmhla. Chòrd an oidhche anns an taigh eireachdail seo leis an òigridh agus bha mòran spòrs na lùib.
Air an Disathairne chuir sinn seachad ùine aig
Club Ghoilf Àisgernis, far an d’fhuair an òigridh cothrom sgilean goilf ionnsachadh bho Dhòmhnall agus Ailean. Cha robh an t-sìde uabhasach fàbharach an latha sin ach fhuair an òigridh air beagan de na dh’ionnsaich iad fheuchainn a-mach. Tillidh sinn a-seo aig àm eile, an uair a bhios sìde nas fheàrr ann!!
28/02/2012
Tachartas Coimhearsnachd Phartaig
Bha buidhnean An Lèanaig glè thoilichte a bhith an lùib tachartas coimhearsnachd a thachair an-dè ann an Talla Burgh Phartaig air a chur air dòigh le Obair Phartaig Earranta. Chì sibh anns an dealbh air Sràid Dhùn Breatainn Nip, cù Stòrlainn agus Eilidh NicPhàidein a th’ ag obair aig Comunn na Gàidhlig fad 3 seachdainean air greis ghnìomhachais bho Shabhal Mòr Ostaig. Bha cuideachd Bòrd na Gàidhlig, An Lòchran, Comhairle na Leabhraichean agus Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu air an riochdachadh.Bha mòran bhuidhnean coimhearsnachd agus companaidhean prìobhaidich an làthair aig an tachartas agus mar sin bha e math Gàidhlig a bhith air an riochdachadh am measg raoin farsainn mar seo.
15/02/2012
Deugairean Uibhist agus na h-ealain
Air Dihaoine 27 agus Disathairne 28 den Fhaoilleach fhuair sgoilearan ann an Àrd-sgoil Lìonacleit an cothrom measgachadh de chur-seachadan a ghabhail tro mheadhan na Gàidhlig airson na sgilean aca a leasachadh anns na h-ealain. Ghabh 12 sgoilear pàirt anns na bùthan-obrach a chaidh a chumail anns an sgoil fhèin.
Bha an tachartas air a ruith le Màiri Anna Chaimbeul aig Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh, Marion NicMhathain bho Phròiseact Òigridh nan Eilean agus Jenna Mhoireasdan aig Fèisean nan Gàidheal, le taic bho Chatrìona Mhoireasdan aig Foghlam Coimhearsnachd.
Fhuarar taic-airgid airson a phròiseact seo bho Fhoghlam Choimhearsnachd, Sgioba na Gàidhlig aig a Chomhairle agus bhon Sgeama Tabhartasan Beaga.
Thairis air an dà latha, ghabh an òigridh pàirt anns na cuspairean a leanas; dràma, dannsa sràide, seinn agus clas Boxercise.
B’ e Màiri Mhoireasdan, Alasdair Mac’illeBhàin, Kevin Walker agus Claire Scott a chaidh fhastadh airson na clasaichean a ruith anns a’ Ghàidhlig. Bha clann gun Ghàidhlig air am brosnachadh gus faclan ùra ionnsachadh agus dh’ fhàs a’ chlann na bu dhàna Gàidhlig a bhruidhinn fhad 's a bha an tachartas a’ dol air adhart.Feasgar Disathairne rinn gach clas taisbeanadh goirid airson sealltainn dha càch na dh’ionnsaich iad thairis air an dà latha.
10/01/2012
Artair trang ann an Uibhist
Chuir Artair Donald seachad làithean ag obair airson Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas & Èirisgeigh anns an Dùbhlachd.
Thadhail e air buidhnean sgoil-àraich, pàrant is pàiste, buidheann òigridh ann an Dalbrog agus am buidheann Òigridh Uibhist ann an Sgoil Lionacleit.
Chuir e seachad na làithean a’ dèanamh diofar bùthan-obrach spòrsail do gach aois, tro mheadhain na Gàidhlig.
Fhuair an fheadhainn is òige cothrom geamaichean a chluich agus an fheadhainn is sine sgilean dràma agus mòran rudan feumail eile.
Ghabh suas ri 55 duine-cloinne pàirt as na bùthan-obrach agus chòrd e riutha air fad.
07/11/2011
Oidhche Shamhna aig Sradagan Ghlaschu
26/10/2011
Na Geamaichean Gàidhealach Èirisgeigh
Ghabh an òigridh pàirt ann an mòran rudan bho Tug of War agus a’ tilgeil a chabair.
’S e Mìcheal Caimbeul agus Kathleen Chaimbeul a fhuair na puingean is àirde aig an deireadh airson na duaisean a bhuannachadh. Fhuair a chlann air fad bonn airson pàirt a ghabhail.
Chaidh an latha a chuir air dòigh leis an Iomairt le taic bho Phròiseact Òigridh nan Eilean. Taing cuideachd gu Megan a thug taic dhuinn air an latha agus Iain MacFhionghain a thug seachad na duaisean.
25/10/2011
Seiseanan-Cluich Uibhist
05/09/2011
Sgoil Èirisgeigh
Thòisich am-bliadhna sgoil ùr ann an Èirisgeigh leis an òigridh air fad ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Air a' chiad latha aca air ais, dh'ionnsaich iad mòran mu dheidhinn a' chànain agus cho cudromach 's a tha e Gàidhlig a chumail beò agus làidir anns an sgìre aca. Chaidh cuireadh a thoirt do Mhàiri Anna Chaimbeul, Oifigear Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas, a dhol a-null airson farpais cheist a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. Rinn an òigridh air fad uabhasach fhèin math agus thathar an dòchas gum bi cothroman eile ann dhan Iomairt taic a thoirt dhaibh.
Chithear an òigridh leis na bagaichean de stuth a fhuair iad airson pàirt a ghabhail anns an fharpais cheist.
01/09/2011
Seachdain nan Òganach 2011
Bha dà sheisean air a chur air dòigh am-bliadhna; ann an Dalabrog anns a' mhadainn agus ann am Baile a' Mhanaich gach feasgar. Bha 35 duine-cloinne an làthair eadar an dà àite agus iad siud eadar 3-6 bliadhna a dh'aois.
Fhuair an òigridh cothrom a dhol an sàs ann am mòran rudan spòrsail tro mheadhan na Gàidhlig; dràma, ealain, seinn agus geamannan nam measg. Dh'obraich iad air fad gu math cruaidh, le taic bho Anne Marie NicDhòmhnaill, agus chaidh consart bheag a chur air dòigh air an Dihaoine airson cothrom a thoirt dha na teaghlaichean aig an òigridh tighinn a choimhead air na bha iad air a bhith a' dèanamh.
Dh'ionnsaich an òigridh mòran agus chòrd an t-seachdain riutha fhèin air fad agus ris na h-inbhich a bha an sàs.
Samhradh 2011 ann an Uibhist
Chaidh bùithtean-obrach tro mheadhan na Gàidhlig a chur air dòigh cuideachd ann an Dalabrog airson sgilean ùra ionnsachadh dhan òigridh. Bha cothrom aca obrachadh le camara didseatach agus prògram coimpiutair airson diofar seòrsa atharrachaidhean a dhèanamh air na dealbhan. Bha bùth-obrach eile ann cuideachd airson eòlas fhaighinn air filmeadh, bho air cùlaibh agus air beulaibh a' chamara. Bha an òigridh gu math dìcheallach le bhith a' cleachdadh Gàidhlig fhad 's a bha iad a' cur nan sgilean ùra seo an cèill. Chaidh na bùithtean-obrach seo a lìbhrigeadh le Ishi NicIlleathain.
11/08/2011
Iomairt Ghàidhlig Iar-thuath Leòdhais a’ cur diofar thachartasan air adhart san sgìre
Chaidh cothrom a thoirt do 12 òigridh bho Nis gu Balantruiseal tighinn còmhla gus tachartasan spòrsail fheuchainn tro na saor làithean – agus abair gun gabh iad an cothrom! Chur Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais seachdain, ‘Brag’, air dòigh gus am faigheadh òigridh a thighinn còmhla gus beagan spòrs a dhèanamh, sgilean ùra ionnsachadh, diofar chur-seachadan fheuchainn agus cuideachd an cuid Ghàidhlig a cleachdadh agus a’ gleusadh ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil.
Bha a’ bhuidheann a’ coinneachadh gach madainn, aig 9.30 an Talla Coimhearsnachd Clan Macquarrie agus bha iad ri diofar rudan gu co dhiù 2.30 gach là, Dimàirt – Dihaoine! Seo agaibh blasad air na bha iad ris gach là:
Dimàirt – Chaidh an là a chuir seachad ag iasgachd air bàta ann an Loch Erisort agus aig loch beag eile aig Murchadh Moireasdan ann an Keose. Nar cuideachadh latha an iasgaich, bha Lewis MacChoinnich bhon gnìomhachas ‘Fish n trips’ agus Tormod MacChoinnich bhon Outer Hebrides Fisheries Trust. Bha latha brèagha leis a’ ghrian a’ deàrrsadh agus fhuair a h-uile duine cothrom air a’ bhàta a stiùireadh agus ionnsachadh mu obair aig mur. Rug Morgan air breac agus chaidh crùbagan gu leòr fhaighinn sna clèibh a thog sinn! Bha là math fhèin againn agus bhiodh e math seo fheuchainn a rithist!
Diciadain – Air an darna là fhuair sinn air beagan còcaireachd fheuchainn. Dh’ionnsaich sinn reasabaidh ùr malteser crunch krispies agus chruthaich sinn piotsa an duine airson ar lòn an là sin! ’S e a bha blasta! Còmhla ris am bèicearachd, bha quiz doirbh againn. Ag obair ann am buidhnean, às dèidh trì cuairtean bhuannaich aon sgioba le aon phuing a bharrachd!
Diardaoin – Bha sinn anns an talla agus bha bùth-obrach dealbhadh ’s cruthachadh againn còmhla ri Alison Nicleòid bho Tiger Textiles. Chunnaic sinn na diofar seòrsa rùdan a bhios Alison a’ dèanamh le peanta agus rinn sinn fhìn measgachadh de bhaganan le dealbh orra a chruthaich sinn fhìn. Às dèidh lòn bha sinn ag obair le peanta a rithist agus rinn sinn soidhnichean airson dorsan agus rudan cruthachail eile! Thàinig Aileag bhon a’ BhBC a chèilidh oirnn airson ceistean a chuir oirnn mun t-seachdain. Dh’innis sinn dhaibh gu robh seachdain mhath againn agus gu robh e air còrdadh rinn uile.
Dihaoine - An là mu dheireadh de Bhrag agus chaidh sinn a Steòrnabhagh far an d’ fhuair sinn cothrom measgachadh de rudan fheuchainn mar putting, crazy golf, tennis agus roller blading. Thug e greis mus d’fhuair feadhainn air an casan leis na roller blades ach bha spòrs againn a bhith feuchainn! Às dèidh seo chaidh sinn chun tràigh ann an Nis airson beagan fois agus chrìochnaich sinn an t-seachdain le BBQ a bha uabhasach math le Agnes Rennie os cionn an teine!!
Chòrd an t-seachdain ris a’ chlann agus tha iad air leth taingeil dhan h-uile duine a chuidich le cuisean rè na seachdain.
Chaidh an t-seachdain, “Brag” a chuir air dòigh le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais agus chaidh na cosgaisean am pàigheadh le Comunn na Gàidhlig agus Bòrd na Gàidhlig.
27/06/2011
Cuairt Iomairt Ghàidhlig Dhùn Èideann gu Glaschu
Bho chionn ghoirid, chaidh 6 de Ghàidheil Dhùn Èideann air chuairt gu Ionad Gàidhlig Ghlaschu air Sràid Achadh a’ Mhansa agus, an sin, choinnich iad ri còrr is 30 bho choimhearsnachd Ghàidhlig a’ bhaile. Bha seo air a chur air adhart tro Iomairtean Gàidhlig Ghlaschu is Dhùn Èideann agus luchd-obrach bho Iomairt Ghlaschu a’ frithealadh gu còir air na thadhail.Tha na thàinig à Dùn Èideann mar chuid de bhuidheann a bhitheas a’ coinneachadh gach madainn Diluain, ann an Caffè Nero ann am bùth ‘Fraser’s’ Sràid a’ Phrionnsa, airson còmhradh Gàidhlig agus cofaidh.
A bharrachd air eòlas a chur air cuid de Ghàidheil a’ bhaile fhèin, choinnich Gàidheil Dhùn Èideann ri luchd-obrach bho Chomunn na Gàidhlig, An Lòchran, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Leabhraichean, Comhairle Baile Ghlaschu agus cuideachd ri Cathraiche Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu, Brus Whyte. Bha Cathraiche Iomairt Ghàidhlig Dùn Èideann, Ceitidh Mhoireach, cuideachd an làthair.
Le tachartas mar seo a chur air adhart, bhathar an dòchas ceanglaichean nas treasa a chruthachadh eadar na coimhearsnachdan agus na h-Iomairtean agus tha coltas gun do thachair sin gu ìre mar-thà – oir, le mar a chòrd an gnothach ri gach aon, tha Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu a-nis a’ beachdachadh air cuairt a ghabhail a choimhead nan càirdean ùra aca, ann an Dùn Èideann!
24/06/2011
A' cur fàilte air òigridh Èireanneach
Thadhail buidheann òigridh à Ògras an Chaistil air Ìle 17 Ògmhios. Ràinig iad ann am Port Ilein à Baile a' Chaisteil 's iad airson deireadh-sheachdain de spòrs agus cultar. Cha robh a' mhuir cho ciùin idir ach rinn iad an gnothach 's fhuair iad fàilte chridheil aig Ostail Òigridh Phort Sgioba.Chruinnich a' bhuidheann le òigridh Ìle airson geama iomainn a chluich aig a' Phort Mhòr. Madainn Disathairne bha turas ann gu Fionn Lagain far an tug Dòmhnall MacPhaidein beagan fiosrachaidh 's eachdraidh dhaibh ann an deagh Ghàidhlig Ìleach. Chòrd seo ris a h-uile duine agus bha spòrs ann a bhith cluich anns na tobhtaichean.
Às dèidh sin, chaidh iad dhan sgìre ghlèidhteachais aig an RSPB aig Gruinneart far an do chuir Eoin MacIlleDhuinn fàilte bhlàth orra le BBQ às leth Comann nam Pàrant Ìle.
Chòrd an dà latha ris a h-uile duine agus thathar ag amas air turas a Bhaile a' Chaisteil nas fhaide air adhart am bliadhana. Tha e math cairdeas ùr a thogail!
Fhuair an turas seo taic bho Iomairt Ghàidhlig Ìle 's Dhiùra agus Comann nam Pàrant le taic-airgid bho Cholmcille agus Bòrd na Gàidhlig. Taing mhòr dhaibhsan a chuir taic ris an tachartas gu sònraichte Naill Oliver agus Port Mòr airson an raon cluiche aca. Tuilleadh fiosrachaidh bho lynn@ile-diura.org.
10/06/2011
Sradagan Ghlaschu air Cuairt

Le deireadh an teirm a teannachadh chaidh buill Sradagan Ghlaschu air turas a-raoir far an robh iad a bòbhladh. Bha mu 50 aca ann le luchd-stiùiridh is pàrantan agus abair gun do chòrd a chùis riutha!
Feumar taing a thoirt don comataidh agus luchd-stiùiridh a tha ag obair gus am buidheann ruith cho math fad na bliadhna. Le àireamh sgoilearan Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu fhathast ag èiridh tha sinn 'n dùil gum bi Sradagan Ghlaschu nas motha a-rithist san teirm ùr!
24/05/2011
Tiugainn a Dhannsa 2011
Chluich Na Deasaich airson nan dannsaichean agus bha òrain, pìobaireachd agus dannsa a' dol tron oidhche airson cothrom a thoirt dha na farpaisich an anail a tharraing. Ghabh Còisir Sgoil Dhalabroig òrain dhuinn le taic bhon stiùiriche Penny Burgess agus bha taisbeanadh goirid ann dhen Haymakers Jig leis an òigridh a ghabh pàirt anns na clasaichean dannsa tro mheadhan na Gàidhlig.
Bha obair dhuilich aig na britheamhan, ach às dèidh nan sia dannsaichean 's e Margaret Walker
Latha na Gàidhlig
Bha an latha fosgailte do sgoilearan ann an clas 4 gu clas 7 agus 's iad na bùithtean-obrach anns an robh iad an sàs: Dannsa, Còcaireachd, Geamannan, Tae Kwon Do agus Dràma. Bha na sgoilearan measgaichte le sgoilearan bho na sgoiltean eile agus fhuair iad ceithir a-mach às na còig bùithtean-obrach a fhrithealadh. Dh'innis iad anns a' mheasadh aca gun do chòrd an latha agus na bùithtean-obrach riutha agus cuideachd
Tha an Iomairt airson taing a thoirt do Sgoil an Ìochdair airson an taic leis an latha seo, dha na sgoiltean airson frithealadh agus cuideachd dha luchd-teagaisg nam bùithtean-obrach.
23/05/2011
Cumhnant Gàidhlig Asainte
Tha e na adhbhar toileachais dhuinn gu bheil Còmhlan Gàidhlig Asainte a' cur air dòigh "Cumhnant Gàidhlig Asainte". 'S e pròiseact ionmholta a tha seo far am faigh muinntir an àite cothrom air taic-airgid airson ionnsachadh Gàidhlig. Gheibh iad na cìsean aca a phàigheadh airson clàsaichean Ùlpan agus tachartasan mar na cùrsaichean aig SMO no Rubha an Fhithich ann an Leòdhas.Mu choinneimh an taic seo, thathar an dùil gun cuir luchd-ionnsachaidh rudeigin air ais dhan choimhearsnachd, clasaichean, cur-seachadan no eile. Gum bith bun-stèidhe ann an Asainte às dèidh seo agus gun tèid togail air.
Tha CnaG air taic mòr a thoirt don choimhearsnachd leis a' phròiseact seo. A bharrachd air taic-airgid, tha sinn air taic a thoirt dhaibh le structaran, taic-airgid bho bhuidhnean eile agus mar a chuireas iad an gnìomh am pròiseact. Bha co-obrachadh a dhìth le diofar dhaoine 's bhuidhnean aig gach ìre.
Tuilleadh Fiosrachaidh bho Sheumas Greaumach air 07919 242 639
01/04/2011
Tachartas Dràma aig Ceann Loch Iall
Chuir Iomairt Ghàidhlig Loch Abair tachartas Dràma air dòigh do dh'òigridh eadar S1-S3. Thàinig òigridh còmhla à tri àrd-sgoiltean sa sgìre, Loch Abair, Àird nam Murchan agus Malaig, agus chuir iad seachad dà latha ag obair air sgilean dràma tro mheadhan na Gàidhlig. Dh'fhuirich sinn aig Ionad Cheann Loch Iall a bha math agus bha sinn a' còcaireachd dhuinn fhèin. Fhuair a h-uile duine cothrom pàirt a ghabhail agus ghabh sinn ar dineir de spaghetti agus macaroni a bha air leth blasda. Taing mhòr airson biadh cho math.
09/03/2011
Duais na Gàidhlig

Tha an Iomairt ann an Uibhist a Deas agus Èirisgeigh air duaisean a thoirt seachad dhan na bun-sgoiltean anns an sgìre. Tha na trì sgoiltean an sàs agus chaidh duais a thoirt seachad airson a h-uile rùm sgoile a tha a’ teagasg Gàidhlig.
Bidh aon neach air an taghadh gach seachdain airson an oidhirp a tha iad air a dhèanamh agus bidh iad a’ toirt an duais dhachaigh aig an deireadh sheachdain. Tha an duais ag ràdh “Airson dìcheall ann am bruidhinn na Gàidhlig.”
Chithear Allana Beaton a tha ann an Clas 3 ann an Sgoil an Iochdair anns an dealbh seo leis an duais.
01/02/2011
Cupa na Cloinne
Chaidh an dàrna fharpais ball-coise agus Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh a chumail air Diardaoin 20mh den Fhaoilleach ann an Sgoil Lionacleit.
Thàinig 4 sgioba a-mach le 21 duine-cloinne a’ gabhail pàirt gu lèir.
Bha an fharpais gu math faisg ach ’s e sgioba a Sgoil Dhalabrog a’ rinn an gnothach aig deireadh, le sgioba bho Sgoil Èirisgeigh anns an darna àite.
Bha an fharpais air a chumail tro mheadhain na Gàidhlig ged nach fheumadh a chlann a bhith ann an foghlam tro meadhain na Gàidhlig.
Feumar taing a thoirt do na tidsearan agus na pàrantan a thàinig a-mach leis an òigridh agus do Shona NicAoidh a thug taic seachad air an oidhche.
Subscribe to:
Posts (Atom)


