Comunn na Gàidhlig - Leasachadh na Gàidhlig ¦ Gaelic Development Blog: 01/12/09 - 01/01/10

04/12/2009

Disathairne san t-Samhainn - Tuireadh an dèidh Thuiltean

An dèidh mhìos a bha comharraichte de thuiltean is ghaoith, chuir sinn fàilte mhòr air an tuireadh nuair a dhùisg sinn Disathairne seo chaidh.

Romhainn, bha cruinneachadh de dheugairean Ìochdair Thròndairnis ann an Ionad Cholm Chille, ann an Stafainn.

Agus, abair gun robh latha math againn.

Fhuair sinn cothrom geamaichean bhall-coise a chliuch aig an raon ùr - fo stiùireadh Dhòmhnaill Àrois. Ged bu bheag feadhainn de na cliuchadairean, cha robh nigheanan na sgìre bog nuair a thàinig e gu geama bhall-coise cuide ri balaich tapaidh an Ìochdair.

Ma dh'fhaodhte gur e seo a' chiad uair a chumar Tae Kwon Do ann an Stafainn, ach gu cinnteach cha robh an teagaisg Coirìanach riamh roimhe sa Ghàidhlig air an Taobh Sear.

Còmhla rinn son an latha, bha 'Sealladh' à Slèite, ag innseadh mu obair dhìomhair a' chamara.

Bha na nigheanan air bhireann faighinn an sàs ann am 'Maise gnùise'. Coma leat dè cho bòidheach is a bha iad a' cuir cùil ris an taighe, ach is e leadaidhean ghleansach, spaideal a bha fainear do Dad nuair a thill iad dhachaigh, sùilean ioma-datach, liopan pionc agus ciabhagan phroifeasanta.

Air taobh tuath an Eilein Sgitheanaich, chan eil sinn a' cleachdadh Ionad eireachdail Cholm Chille cho tric is bu chòrr. Bha an t-àite againn dhinn fhìn fad an latha. Tha e blàth agus tlachdmhor a bhith cuir seachad an latha ann, le iomadach uinneag agus sealladh àlainn nam monaidhean is Loch Stafainn ri faicinn àisde.

Cha deach sinn dhachaigh leis an t-acras, oir thàinig Jackie NicGilliosa, manaidsear an Ionaid, a-steach air a latha dheth gus burgaran is pizzan a bhruich dhinn.

Bu thoil le Lasair taing a thoirt do Choinneach Chombe agus Moira NicÌomhair a shiubhail à Glaschu airson an latha seo a chruthachadh. Às an Eilean fhèin, bha sinn toilichte gun do rinn Mòrag Stiùbhart agus Vicky NicIlleathain an gnothach a bhith còmhla rinn a dh'aindeoin's rathad an A87 a bhith dùinte bho 0930 gu 1745. Agus rinn e togail dhinn gun robh Ailsa Lyall an làthair gar cuideachadh.

Aig deireadh an latha, cha robh ann ach aon cheist fainear - "Cuin a nì sinn seo a-rithist?!"
Ma tha beachdan agaibh fhèin mu chothroman do dheugairean, carson nach cuir sibh brath gu
Sìne aig Lasair (Iomairt Ìochdair Thròndairnis) air sineg@cnag.org.uk Bhiodh e math cluinntinn bhuaibh.

02/12/2009

Leasachadh air Iomairtean Gàidhlig

Tha sinn an dràsta a' cur an gnìomh Iomairtean Gàidhlig ann an diofar sgìrean air feadh na h-Alba.  Thòisich Iomairtean Gàidhlig anns a' Ghiblean 2009 ach chaidh tòrr obair a chur an gnìomh anns na bliadhnaichean roimhe seo gus sgìrean uallachadh.  

Tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh leis na h-Iomairtean Gàidhlig a tha seo 's iad uile eadar-dhealaichte bho chèile agus a' cur an gnìomh na proiseactan aca fhèin.  

Gun teagamh, tha coimhearsnachd a' cur fàilte air goireasan agus spionnadh ach tha feum air adhartas agus fianais a shealltainn gu bheil iad ag obair.  

Sin aon de na rudan a tha sinn a' dèanamh an dràsta gus na h-Iomairtean a neartachadh 's an sàr-obair a shanasachd.  

 
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
© 2010 CnaG
site by reefnet