Comunn na Gàidhlig - Leasachadh na Gàidhlig ¦ Gaelic Development Blog: 01/12/10 - 01/01/11

16/12/2010

Ionad Gàidhlig Ghlaschu

Tha Comunn na Gàidhlig glè thoilichte gu bheil an obair thogail an lùib An Lèanag - Ionad Gàidhlig Ghlaschu - cha mhòr deiseil. 'S e goireas air leth a bhios ann do choimhearsnachd Ghàidhlig Ghlaschu agus gu dearbh do dh'Alba air fad. Bidh luchd-obrach ChnaG agus buidhnean Gàidhlig eile stèidhichte anns An Lèanag.

Cumaibh sùil air làraichean-lìn Chomunn na Gàidhlig agus Bhòrd na Gàidhlig 'son barrachd mun seo sna seachdainean a tha romhainn.

14/12/2010

Colm MacCuain


Tha Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh airson taing a thoirt do Cholm MacCuain a chuir ùine seachad ann an Uibhist a Deas.

Bha Colm deònach taic a thoirt don Iomairt le diofar rudan anns an robh an Iomairt an sàs agus rinn e tòrr obair saor-thoileach anns an sgìre fhèin.

Bha Colm an sàs ann an taic a thoirt do na pàrantan aig am buidheann pàrant is pàiste ùr ann an Uibhist a Deas, Clann Bheaga Bhrèagha agus thug an Iomairt tabhartas bheag do Cholm airson an obair ionmholta a’ rinn e.

Tha sinn air leth taingeil airson na rinn Colm agus an dòchas gun tèid gu math leis anns na tha roimhe.

09/12/2010

Oidhche Cheist

Chaidh oidhche Cheist a chumail air an 3mh den Dùbhlachd ann an Taigh-Òsta Loch Baghasdail, mar phàirt de Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh.
Bha ceithir sgioban an sàs, agus chì sibh san dealbh an fheadhainn a bhuannaich, ainm an sgioba “Gun Ainm”.
Tha sinn airson taing a thoirt do Cholm MacCuain a thug taic seachad leis nan ceistean a chuir air dòigh agus an leughadh air an oidhche. Fhuair e lethbhreac de cheistean a chleachd Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu anns am farpais cheist acasan.
Thathar an dòchas gun tèid oidhche eile mar seo a chumail a dh’aithghearr.

17 deugaire a’ cur feum air bùthan-obrach Gàidhlig ann an Uibhist

Air Dihaoine 29 agus Disathairne 30 Dàmhair fhuair sgoilearan ann an Àrd-sgoil Lìonacleit an cothrom measgachadh de chur-seachadan a ghabhail tro mheadhan na Gàidhlig airson na sgilean aca a leasachadh anns na h-ealain. Ghabh 17 sgoilear pàirt anns na bùthan-obrach a chaidh a chumail anns an sgoil fhèin.

Bha an tachartas air a ruith le Jenna Mhoireasdan aig Fèisean nan Gàidheal, Màiri Anna Chaimbeul aig Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh agus Marion NicMhathain bho Bhuidheann Leasachaidh Òigridh Uibhist a Deas le Bòrd na Gàidhlig a’ cur taic-airgid mu choinneamh a’ phròiseact.

Thairis air an dà latha, a chaidh a chur air bhonn mar sgeama-dearbhaidh, fhuair compàirtichean dà thaghadh de na cuspairean a leanas; pìobaireachd, dannsa sràide, togail dhealbhan agus òrain Ghàidhlig, le òrain luaidh aig cridhe na clas.

B’ e Eòghainn MacEanraig, Sìneag Nic an t-Saoir, Ciorstaidh NicAnndrais agus Mòrag NicAonghais a chaidh fhastadh airson na clasaichean a ruith anns a’ Ghàidhlig. Bha clann gun Ghàidhlig air am brosnachadh gus faclan ùra ionnsachadh agus dh’ fhàs a’ chlann na bu dhàna Gàidhlig a bhruidhinn fhad 's a bha an tachartas a’ dol air adhart. Dh’obraich a’ chlann agus an luchd-teagaisg gu èifeachdach còmhla rè nan clasaichean gu lèir. Air feasgar Disathairne rinn gach clas taisbeanadh goirid airson sealltainn dha càch na dh’ionnsaich iad thairis air an dà latha.
 
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
© 2010 CnaG
site by reefnet