Comunn na Gàidhlig - Leasachadh na Gàidhlig ¦ Gaelic Development Blog: 01/02/12 - 01/03/12

29/02/2012

Turas Òigridh Uibhist gu Deas

Chuir am buidheann Òigridh Uibhist seachad oidhche air leth a’ fuireach ann an Taigh Bhaghasdail ann a Taobh a Deas Lochbaghasdail.

Tha am buidheann Òigridh Uibhist a’ gabhail a-steach clann ann an S2 ann an Sgoil Lionacleit agus air a’ ruith le Catrìona Mhoireasdan bho Foghlam Coimhearsnachd le taic bho Mhàiri Anna Chaimbeul bho Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh.

Ghabh ochdnar aca pàirt anns an turas seo air an 24mh agus 25mh latha den Ghearran.






Fhuair an òigridh cothrom tadhal air taigh-tughaidh anns an sgìre a tha air a dhèanamh suas a-nis – dh’innis Ceitidh Chaimbeul dhaibh mur a bha an taigh roimhe seo agus fiosrachadh inntinneach eile mun àite.

Dh’fhan an òigridh ann an Taigh Bhaghasdail fad na h-oidhche, far an do rinn iad bùth-obrach le Kenna Chaimbeul a bha airson toirt air an òigridh obrachadh còmhla. Chòrd an oidhche anns an taigh eireachdail seo leis an òigridh agus bha mòran spòrs na lùib.







Air an Disathairne chuir sinn seachad ùine aig Club Ghoilf Àisgernis, far an d’fhuair an òigridh cothrom sgilean goilf ionnsachadh bho Dhòmhnall agus Ailean. Cha robh an t-sìde uabhasach fàbharach an latha sin ach fhuair an òigridh air beagan de na dh’ionnsaich iad fheuchainn a-mach. Tillidh sinn a-seo aig àm eile, an uair a bhios sìde nas fheàrr ann!!

28/02/2012

Tachartas Coimhearsnachd Phartaig

Bha buidhnean An Lèanaig glè thoilichte a bhith an lùib tachartas coimhearsnachd a thachair an-dè ann an Talla Burgh Phartaig air a chur air dòigh le Obair Phartaig Earranta. Chì sibh anns an dealbh air Sràid Dhùn Breatainn Nip, cù Stòrlainn agus Eilidh NicPhàidein a th’ ag obair aig Comunn na Gàidhlig fad 3 seachdainean air greis ghnìomhachais bho Shabhal Mòr Ostaig. Bha cuideachd Bòrd na Gàidhlig, An Lòchran, Comhairle na Leabhraichean agus Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu air an riochdachadh.
Bha mòran bhuidhnean coimhearsnachd agus companaidhean prìobhaidich an làthair aig an tachartas agus mar sin bha e math Gàidhlig a bhith air an riochdachadh am measg raoin farsainn mar seo.

15/02/2012

Deugairean Uibhist agus na h-ealain


















Air Dihaoine 27 agus Disathairne 28 den Fhaoilleach fhuair sgoilearan ann an Àrd-sgoil Lìonacleit an cothrom measgachadh de chur-seachadan a ghabhail tro mheadhan na Gàidhlig airson na sgilean aca a leasachadh anns na h-ealain. Ghabh 12 sgoilear pàirt anns na bùthan-obrach a chaidh a chumail anns an sgoil fhèin.

Bha an tachartas air a ruith le Màiri Anna Chaimbeul aig Iomairt Ghàidhlig Uibhist a Deas agus Èirisgeigh, Marion NicMhathain bho Phròiseact Òigridh nan Eilean agus Jenna Mhoireasdan aig Fèisean nan Gàidheal, le taic bho Chatrìona Mhoireasdan aig Foghlam Coimhearsnachd.
Fhuarar taic-airgid airson a phròiseact seo bho Fhoghlam Choimhearsnachd, Sgioba na Gàidhlig aig a Chomhairle agus bhon Sgeama Tabhartasan Beaga.

Thairis air an dà latha, ghabh an òigridh pàirt anns na cuspairean a leanas; dràma, dannsa sràide, seinn agus clas Boxercise.

B’ e Màiri Mhoireasdan, Alasdair Mac’illeBhàin, Kevin Walker agus Claire Scott a chaidh fhastadh airson na clasaichean a ruith anns a’ Ghàidhlig. Bha clann gun Ghàidhlig air am brosnachadh gus faclan ùra ionnsachadh agus dh’ fhàs a’ chlann na bu dhàna Gàidhlig a bhruidhinn fhad 's a bha an tachartas a’ dol air adhart.
Feasgar Disathairne rinn gach clas taisbeanadh goirid airson sealltainn dha càch na dh’ionnsaich iad thairis air an dà latha.
 
dachaigh :: naidheachdan :: taic-airgid :: blog :: iomairtean :: mun Ghàidhlig :: foillseachaidhean :: ceangalan :: cuir fios gu
home :: news :: funding :: blog :: initiatives :: about Gaelic :: publications :: links :: contact
© 2010 CnaG
site by reefnet